Cuairt Chaluim Chille // Touring St Columba


Dates: Thursday 25th April - Sunday 19th May
Time: 10am-3pm

Place: Silverbirch Gallery
Age: All ages
Cost: Free

Please note the exhibition will be open Thursday to Sunday each week.

The gallery is also subject to closures due to previous booking on the 2nd of May and 18th of May


Mun Taisbeanadh

Tha taisbeanadh Cuairt Chaluim Chill na chomharrachadh air beatha is dìleab Chaluim Chille agus chaidh a thaisbeanadh air feadh Èireann ann an 2021, a’ comharrachadh mìle gu leth bliadhna bho bhreith Chaluim Chille. Tha an taisbeanadh a’ comharrachadh dìleab cultarail, eachdraidheil agus creideimh Chaluim Chille, air a bheil cuideam nach beag ann an eachdraidh thràth na Crìostaidheachd. Agus e air adhradh mar fhear de thriùir pàtrain-naomha na h-Èireann, tha a’ bheatha air fàs fighte ri seanchas is sgeulachdan. An taobh a-muigh na h-Èireann, bha àite bunaiteach aige ann an sgapadh na Crìostaidheachd air feadh Alba, Shasainn agus diofar àiteachan san Roinn Eòrpa.

Don chiad turas, tha an taisbeanadh a’ tighinn a dh’Alba agus chaidh a thoirt air iasad gu coibhneil le Taigh-tasgaidh Thìr Chonaill gus cuairt a a chur ann an Earra-Ghàidheal ann an 2023/24. Tadhlaidh an taisbeanadh air ionadan bunaiteach ann an Earra-Ghàidheal thairis air an dà mhìos deug a tha romhainn le raon farsaing de thachartasan Gàidhlig ann an cànan is cultar.

Air iasad bho Thaigh-tasgaidh Thìr Chonaill ann an Èirinn, thòisich Cuairt Chaluim Chille a turas fad bliadhna air feadh Earra-Ghàidheal agus Bhòid, a’ nochdadh ann an Alba don chiad uair san Ògmhios a chaidh seachad agus tha e a-nis air a’ cheathramh ìre, an dèidh dha tadhal roimhe air Taigh-tasgaidh Cheann Loch Chille Chiarain, Ionad Gàidhlig Ìle agus Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn.

Tha Cuairt Chaluim Chille air a cruthachadh le Còmhdhail Cultair, Dualchais is Ealain Earra-Ghàidheal agus nan Eilean (CHARTS), le taic bho Chomhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid. Tha am pròiseact com-pàirteachais dàna seo eadar Earra-Ghàidheal agus Èirinn ga chur air chomas le co-thaic bho Bhòrd na Gàidhlig agus bho Fhoras na Gaeilge gus cur ris a’ chàirdeas eadar luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba is Èirinn a nochd an toiseach ri linn Bliadhna Chaluim Chille 1500. Sa phròiseact gu ruige seo tha buidhnean-obrach air a bhith ann agus tachartasan le cothroman do luchd-ealain is luchd-cultair ri Gàidhlig na h-Èireann agus na h-Alba.

Bidh Cuairt Chaluim Chille // Touring St Columba air taisbeanadh aig Ionad na Creige san Òban bho 25 Giblean gus 21 Cèitean. Thig an turas fad dà mhìos deug gu ceann air 9 Ògmhios (Là Chaluim Chille) ann an Eilean Idhe.

Aig gach ionad, bidh tachartasan rin dearbhadh ann an cultar is cànan na Gàidhlig an lùib an turais.

Tha Cuairt Chaluim Chille ga cruthachadh le Còmhdhail Cultair, Dualchais is Ealain Earra-Ghàidheal agus nan Eilean (CHARTS), le taic bho Chomhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid. Chaidh an com-pàirteachas dàna seo eadar Earra-Ghàidheal agus Èirinn a chur air chomas le taic còmhla bho Bhòrd na Gàidhlig agus Foras na Gaeilge gus cur ris na ceanglaichean eadar luchd-labhairt na

Gàidhlig ann an Èirinn agus Alba a dh’èirich à bliadhna Chaluim Chille 1500. Bheir an pròiseact seo le CHARTS a-steach buidhnean-obrach agus tachartasan le cothroman do luchd-ealain is luchd-cruthachaidh ann an Gàidhlig is Gaeilge dol an sàs.

About The Exhibition

Cuairt Chaluim Chille // Touring St Columba exhibition celebrates the life and legacy of Colmcille and was displayed throughout Ireland in 2021, marking the 1500th anniversary of the birth of Colmcille. The exhibition celebrates the cultural, historical and religious inheritance of Colmcille, who holds significant prominence in the early history of Christianity. Revered as one of Ireland's three patron saints, his life has become interwoven with folklore and legends. Beyond Ireland, he played a pivotal role in disseminating Christianity across Scotland, England, and various parts of Europe.

For the first time, the exhibition is coming to Scotland and has kindly been loaned by Donegal Museum to tour Argyll throughout 2023/24. The exhibition will tour key sites in Argyll over the next 12 months with a wide range of Gaelic culture and language events.

On loan from Donegal County Museum, Ireland, Cuairt Chaluim Chille // Touring St Columba began its year long-tour throughout Argyll and Bute, arriving in Scotland for the first time last June and now is now on its fourth leg, having previously visited Campbeltown Museum, the Islay Gaelic Centre and Kilmartin Museum.

Cuairt Chaluim Chille // Touring St Columba is created by Culture, Heritage and Arts Assembly, Argyll and Isles (CHARTS), supported by Argyll and Bute Council. This bold partnership project between Argyll and Ireland is made possible with joint support from Bòrd na Gàidhlig and Foras na Gaeilge to further build relationships between Gaelic speakers in Ireland and Scotland first seeded during the themed year Colmcille 1500. The project to date has included workshops and events with opportunities for participation by Irish and Scots Gaelic artists and cultural practitioners.

Cuairt Chaluim Chille // Touring St Columba will be on display at The Rockfield Centre in Oban from 25th April to 21st May. This 12-month tour will culminate on 9th June (the Feast Day of St Columba) on Iona.

At each venue, the tour will be supported by Gaelic culture and language events TBC.

Cuairt Chaluim Chille // Touring St Columba is hosted by the Culture Heritage and Arts Assembly, Argyll and Isles (CHARTS), supported by Argyll and Bute Council. This bold project partnership between Argyll and Ireland is made possible with joint support from Bòrd na Gàidhlig and Foras na Gaeilge to build from relationships grown during the themed year Colmcille 1500. A special thanks to the support of Donegal County Museum and the Department of Tourism, Culture, Arts, Gaeltacht, Sport and Media.